Tha Seòrdag agus na h-iseanan aice a' falbh air chuairt agus iad a' dol a shreap beinn, ach nuair a thèid an glacadh ann an stoirm 's fheudar dhaibh fasgadh a ghabhail airson na h-oidhche ann am bothag. Tha Gormal ga dùsgadh le fuaim neònach a' tighinn às an loch gu h-ìosal. Tha i a' leum sìos chun an locha 's i a' dìochuimhneachadh an rabhaidh a thug Seòrdag dhi mu dheidhinn nan creutairean eagalach sin, Na Cailpich.